Marine
A’ cumail taic ri eadar-ghluasad cothromach do mharannan agus muinntir na h-Alba
June 9, 2025 by Mhairi Sinclair No Comments | Category Climate Change, Just Transition, Marine ecosystem, Marine Environment
Tha marannan na h-Alba prìseil.
Tha iad a’ cluich pàirt riatanach ann an dèiligeadh ris an èiginn dhùbailte a th’ ann le call bith-iomadachd agus atharrachadh na gnàth-shìde. Tha marannan fallain nan àrainnean do bheatha na mara, ’s iad a’ glacadh carbon agus teas, a thuilleadh air a bhith nan cothrom dhuinn biadh na mara a ghlacadh agus cumhachd ath-nuadhachail a chur gu feum.
Tha na marannan againn nam bun-stèidh do ghnothachasan na mara agus nam bunait chudromach airson teachd a-steach agus fastadh air feadh Alba, gu h-àraid ann an coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach. Tha iad cuideachd nam pàirt mhòr dhen dualchas chultarail agus dhen fhèin-aithne nàiseanta a th’ againn.
Ge-tà, ’s ann fo iomadh uallach a tha na marannan againn. Mur nach eil sinn a’ cur stad air a’ chrìonadh a tha ri fhaicinn a thaobh slàinte àrainneachd na mara againn, agus a’ dèanamh oidhirp ath-nuadhachadh a thoirt oirre, cuiridh sinn ann an cunnart an comas a th’ againn na buannachdan eaconamach agus sòisealta a tha an lùib stòras na mara a mheudachadh gu làn-ìre, an-dràsta agus san àm ri teachd.
Airson ’s gum bi buannachdan fad-ùine ann do ghnothachasan, daoine agus nàdar a rèir Lèirsinn airson Eaconamaidh Ghorm na h-Alba, feumaidh sinn cruth-atharrachadh a thoirt air an dòigh anns an cleachd sinn àrainneachd na mara. Feumaidh sinn cuideachd an cruth-atharrachadh seo a stiùireadh ann an dòigh a tha reusanta agus cothromach.
Do Riaghaltas na h-Alba, ’s e an dà chuid an toradh – àm ri teachd nas cothromaiche, nas uaine dhuinn uile – agus an dòigh anns an ruig sinn an toradh – ann an com-pàirteachadh leis an fheadhainn as buailtiche a bhith fo bhuaidh a’ ghnothaich – a tha an lùib eadar-ghluasad cothromach. ’S e gun dèan sinn cinnteach gun tèid sinn nar dùthaich le cothromachadh-carboin agus seasmhachd mu choinneimh na gnàth-shìde, ann an dòigh a dhèiligeas ri neo-ionannachd agus a ghabhas ri cothroman ùra.
Mar phàirt dhen ghealltanas seo, tha e deatamach gun obraich sinn còmhla airson ’s gum bi àm ri teachd gealltanach ann do mharannan na h-Alba. ’S e sin àm ri teachd far am bi gach roinn na mara seasmhach agus ag obair ann an co-sheirm ri nàdar, ’s na coimhearsnachdan dùthchail agus costail a tha an urra riutha a’ soirbheachadh.
Sa bhrath-bhloga seo, gheibhear cuid a dh’eisimpleirean de na tha sinn a’ dèanamh gus taic a chumail ri eadar-ghluasad cothromach do mharannan agus muinntir na h-Alba. Gheibhear cuideachd cunntas às ùr air na h-ath rudan a nì sinn.
Na tha sinn a’ dèanamh
Tha sinn ag obair còmhla ri roinnean na mara agus coimhearsnachdan costail feuch am bi àm ri teachd seasmhach ann do mharannan na h-Alba, a chùm leas gach neach ann an Alba. Seo dìreach cuid a chùisean sgrùdaidh a sheallas cò ris a tha seo coltach gu practaigeach:
Cùis sgrùdaidh 1: Planadh mara
Tha sinn a’ leasachadh plana mara ùr, nàiseanta do mharannan na h-Alba a thèid an àite a’ Phlana Mara Nàiseanta (2015) a th’ ann an-dràsta. Cumaidh an Dàrna Plana Mara Nàiseanta (PMN2) againn taic ri leasachadh seasmhach nam marannan againn, ’s e a’ dìon àrainneachd na mara againn agus a’ lìbhrigeadh thoraidhean dha na coimhearsnachdan costail againn.
Tha sinn dìorrasach am PMN2 a leasachadh ann an dòigh a chleachdas modh-obrach stèidhichte air eadar-ghluasad cothromach, ann an com-pàirteachadh leis an fheadhainn air an toir planadh mara buaidh. Tha sinn a’ dèanamh seo tro bhith:
- a’ dèanamh conaltradh gu tric agus gu farsaing, ’s fiosrachadh ga sgaoileadh aon uair ’s gum bi e ri fhaotainn
- a’ cruinneachadh mholaidhean agus bheachdan airson am plana a leasachadh còmhla ris an fheadhainn a chleachdas agus a tha an urra ris na marannan againn
- a’ togail bun-stèidh fianais làidir, shoilleir tro mheasaidhean buaidh, nam measg làn-mheasadh na buaidh shòiseo-eaconamach. ’S ann mar seo a thèid buaidhean a dh’fhaodadh am PMN2 a thoirt air roinnean na mara agus coimhearsnachdan aithneachadh, a bharrachd air ceumannan a dh’fhaodte a thoirt a-steach dhan PhMN2 airson dèiligeadh ri droch bhuaidh sam bith
- a’ dealbhadh poileasaidh a’ PhMN2 leis an gabh farsaingeachd de ghuthan a riochdachadh ann an co-dhùnaidhean planaidh an ama ri teachd, agus ann an cruthachadh fhuasglaidhean dhan fheadhainn air an toir atharrachaidhean buaidh.
Cùis sgrùdaidh 2: Riaghladh ghrunndan iasgaich
Tha sinn a’ gabhail cheumannan gus leasachadh a dhèanamh air mar a thèid grunndan iasgaich a riaghladh, airson dèiligeadh ri èiginn na bith-iomadachd agus cothroman eaconamach seasmhach aithneachadh.
Tha sinn ag obair còmhla ri iasgairean airson co-riaghladh agus co-obrachadh seasmhach a neartachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach obair ann an com-pàirteachadh le Buidheann Riaghladh agus Glèidhteachas Iasgaich (FMAC) agus le Buidhnean Iasgach a’ Chladaich (RIFGs).
Tha sinn cuideachd a’ leasachadh dòigh-obrach a bhios nas freagarraiche a thaobh riaghladh ghrunndan iasgaich faisg air a’ chladach. Tro mhodh-obrach a bhios stèidhichte air co-riaghladh, cuiridh seo ri lìbhrigeadh fhuasglaidhean airson riaghladh ghrunndan iasgaich, ’s na fuasglaidhean sin freagarrach aig ìre ionadail.
’S ann ann an dlùth cho-obrachadh le luchd-ùidhe a thathar air ceumannan airson riaghladh ghrunndan iasgaich a leasachadh do sgìrean mara fo dhìon agus feartan mara fìor chudromach. Tha sinn air coinneamhan air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh a chumail gu tric còmhla ri riochdairean gnìomhachas an iasgaich agus iasgairean fa leth. Tha sinn cuideachd air co-chomhairleachaidhean poblach nàiseanta a chumail air buaidh nan ceumannan a tha ag amas air feartan mara fìor chudromach (PMF) agus sgìrean mara fo dhìon (MPA) a riaghladh. Mar phàirt dhe na measaidhean air a’ buaidh shòiseo-eaconamach, ruith sinn tachartasan ionadail aghaidh ri aghaidh airson na buaidhean sòisealta agus ionadail a thuigsinn dh’fhaodadh a bhith an lùib cheumannan a thathar a’ moladh airson grunndan iasgaich a riaghladh. Bidh sinn fhathast ag obair gu dlùth còmhla ri coimhearsnachdan, airson taic a thoirt dhaibh na buannachdan eaconamach, sòisealta, cultarail agus bith-iomadachail a ruigsinn a dh’fhaodadh a bhith an cois àrainneachd mara fo dhìon. Nì sinn cinnteach gum faigh na guthan aca èisteachd aig ìre ionadail.
Cùis sgrùdaidh 3: Maoineachadh
’S e gealltanas luach £500 millean thar deich bliadhna a th’ anns a’ Mhaoin airson Eadar-ghluasad Cothromach (JTF), ’s i a’ cumail taic ri pròiseactan san Ear-Thuath agus ann am Moireibh. Chuir sinn air chois cuairt ùr airson thairgsean do 2025-26 (luach suas ri £8.5m), agus chuir sinn £7.4 millean a bharrachd ri pròiseactan a th’ ann mar-thà.
A thuilleadh air seo, tha sinn a’ toirt seachad maoineachadh a chumas taic ri ùr-ghnàthachadh anns na roinnean mara againn, agus a bhios na chuideachadh air an t-slighe gu riaghladh seasmhach marannan na h-Alba.
Tha Stòras Mara na h-Alba air còrr is £55m a thoirt seachad bho 2021 gus taic a chumail ri pròiseactan a chuireas ri eaconamaidh mara a tha ùr-ghnàthach agus seasmhach, a bheir taic do choimhearsnachdan costail agus a chuireas ri rùintean cothromachadh-carboin na h-Alba. Tha seo a’ gabhail a-steach taic do:
- dh’iomairtean beaga agus meadhanach mòr, gus an leasaich iad an cuid chleachdaichean gu bhith nas seasmhaiche
- phròiseactan do leasachadh bun-structair, mar eisimpleir aig Cala Bhaile nam Frisealach, airson gnothachasan mara ionadail agus a’ choimhearsnachd air fad fhàgail nas seasmhaiche, agus airson taic a chumail ri leasachaidhean àrainneachdail air a’ chala.
Tha sinn a’ cuideachadh le bhith a’ riaghladh agus a’ toirt prìomh mhaoineachadh do Stòras Leasachadh Àrainneachd Mara na h-Alba (SMEEF). Faodaidh daoine a chleachdas uisgeachan na h-Alba cur ris an stòras le an toil fhèin, ’s iad ag ath-thasgadh ann an slàinte agus bith-iomadachd nam marannan againn. Bhon Chèitean 2022, tha SMEEF air còrr is £3.8m a thoirt do 54 pròiseact eadar-dhealaichte, brosnachail air feadh Alba, nam measg pròiseactan airson cuidhteas fhaighinn de ghnèithean sgaoilteach ann an eileanan Linne Foirthe, airson gàrradh ùr-ghnàthach a chur air bhog ann an Abhainn Chluaidh, agus airson bilearach-mara a thoirt air ais ann an Loch Chreiginis agus Arcaibh.
Cùis sgrùdaidh 4: Buannachdan coimhearsnachd bho chumhachd gaoithe aig muir
Ann an Alba, tha cumhachd gaoithe aig muir na cothrom mòr airson na h-eaconamaidhean ionadail, sgìreil agus nàiseanta againn fhàs, sàr-dhreuchdan uaine, ùra a chruthachadh agus buannachdan a lìbhrigeadh dha na coimhearsnachdan againn.
Tro chuairtean ScotWind agus INTOG leis an tèid grunnd na mara a thoirt air mhàl le Oighreachd Crùin na h-Alba, agus tro phròiseactan eile, tha an cothrom aig Alba air solar a dh’fhaodadh a bhith nas àirde na 40 GW de chumhachd gaoithe aig muir. Chluicheadh seo pàirt mhòr anns a’ chothrom a th’ ann air feadh an t-saoghail air cumhachd gaoithe aig muir. Tha pròiseactan Albannach cuideachd deatamach do mhisean Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an t-amas Clean Power 2030 a libhrigeadh, agus do thargaidean nas fharsainge a th’ aig Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba gus cothromachadh-carboin a ruigsinn.
Leis an stiùireadh a bheir sinn seachad, ’s e stèidhichte air Prionnsapalan Deagh Chleachdaidh, tha sinn a’ brosnachadh luchd-leasachaidh gu bhith a’ tabhann bhuannachdan coimhearsnachd agus cothroman air sealbh coitcheann mar fheart àbhaisteach de gach pròiseact cumhachd ath-nuadhachail. Tha buannachdan coimhearsnachd nan cothrom do dhaoine buannachdan a’ ghoireis cumhachd a cho-roinn, agus faodaidh buaidhean sòisealta agus eaconamach maireannach a thighinn bhuapa. Tha aon eisimpleir dheth ri fhaicinn gu h-ìosal.
Maoin Coimhearsnachd Beatrice
Stèidhich an iomairt Beatrice Offshore Wind Farm Ltd maoin buannachd coimhearsnachd ri linn togail a’ phròiseict 588 MW, airson taic a thoirt do choimhearsnachdan costail Ghallaibh, Chataibh agus Mhoireibh.
Dhùin pròiseas-iarrtais na Maoin san Ògmhios 2023, ’s £6 millean air a thoirt seachad thar 361 pròiseact, nam measg taic do 73 dreuchd dhùthchail agus leasachaidhean air 64 goireas coimhearsnachd. Tha rannsachadh air buaidh shòisealta air sealltainn gun deach £3.21 de luach na b’ fharsainge a chruthachadh leis gach not a chaidh a thasgadh le Maoin Com-pàirteachais Beatrice. Tha leasachaidhean air an leathad cur air bhog ann an Neig, agus an drochaid ùr gu Tràigh an Ear ann an Inbhir Losaidh, nan eisimpleirean de phròiseactan a fhuair taic.
Gus a bhith cinnteach gun tig toraidhean seasmhach, susbainteach bho bhuannachdan coimhearsnachd, ’s iad nan cuideachadh dhuinn le eadar-ghluasad cothromach, reusanta gu cothromachadh-carboin, tha sinn a’ gabhail os làimh ath-sgrùdadh air an stiùireadh againn a tha stèidhichte air Prionnsapalan Deagh Chleachdaidh. Tha seo a’ gabhail a-steach co-chomhairleachadh poblach a thàinig gu crìoch sa Ghiblean 2025, còmhla ri conaltradh ri coimhearsnachdan, gnìomhachas, agus luchd-ùidhe poblach agus na treas roinn. Gu h-iomlan, thèid an fhianais seo a chleachdadh gus an stiùireadh againn ùrachadh.
A’ cleachdadh fianais: Na h-ath-sgrùdaidhean air litreachas mu eadar-ghluasad cothromach airson na mara
Mar phàirt dhen dòigh-obrach againn a th’ air a stiùireadh le fianais, tha sinn air ath-sgrùdaidhean a dhèanamh air an litreachas mu dheidhinn eadar-ghluasad cothromach airson roinnean na mara agus coimhearsnachdan costail.
Le bhith a’ dèanamh ath-sgrùdaidhean litreachais tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad mion-rannsachadh siostamataigeach air an rannsachadh is fianais a tha mu thràth ann a thaobh chuspairean eadar-dhealaichte. Thèid seo an uair sin a chleachdadh gus fios a chur ri poileasaidh agus cleachdadh an Riaghaltais. Thèid na h-ath-sgrùdaidhean a chleachdadh gus staid an eòlais an-dràsta a thuigsinn, beàrnan ann am fianais aithneachadh, agus taic a chumail ri leasachadh phoileasaidhean a tha stèidhichte air fianais.
Literature Review on a Marine Just Transition: UK and International Comparator Countries – gov.scot
Bidh sinn a’ beachdachadh air toraidhean an ath-sgrùdaidh litreachais, ’s sinn ag ionnsachadh bhuapa. Gabhaidh seo a-steach beachdachadh air beàrnan rannsachaidh far am b’ urrainnear tuigse nas fheàrr fhaighinn air na dùbhlain agus buannachdan a tha an lùib an eadar-ghluasaid aithneachadh còmhla ri daoine agus gnothachasan.
Tha an t-ath-sgrùdadh a’ comharrachadh cuid dhe na molaidhean a tha mar-thà anns an litreachas agus a dh’fhaodadh a bhith feumail airson atharrachaidhean sam bith fhàgail nas cothromaiche do choimhearsnachdan costail agus do roinnean mara na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte air fad. Tha seo a’ gabhail a-steach cothroman air conaltradh agus com-pàirteachadh a leasachadh, comas an luchd-ùidhe air com-pàirteachadh a leasachadh, gum faigh com-pàirtichean èisteachd, agus gun tèid cothroman air co-riaghladh a leasachadh.
Tha an obair poileasaidh agus conaltraidh a rinn sinn gu ruige seo air tòrr dhuilgheadasan aithneachadh mar-thà bhon fheadhainn a chaidh a chomharrachadh anns na h-ath-sgrùdaidhean litreachais. Rinneadh adhartas mòr airson conaltradh agus com-pàirteachadh a leasachadh ann an cruthachadh phoileasaidhean mara, mar eisimpleir ann an cruthachadh a’ PhMN2, agus airson dòighean-obrach co-riaghlaidh a neartachadh, gu h-àraid a thaobh riaghladh ghrunndan iasgaich faisg air a’ chladach. Tha cleachdaidhean iasgaich dlùth an dàimh ri ceanglaichean eachdraidheil, cultarail agus sòisealta ris a’ mhuir, gu h-àraid ann an coimhearsnachdan costail, agus sin an t-adhbhar a tha sinn fhathast a’ toirt seachad maoineachadh tro Stòras Mara na h-Alba.
Na nì sinn a-nis
Tha feum ann air com-pàirteachasan maireannach thar gach roinn, agus le gnothachasan agus coimhearsnachdan, airson eadar-ghluasad cothromach do mharannan agus muinntir na h-Alba a lìbhrigeadh.
Cumaidh sinn oirnn le bhith:
- ag obair ann an com-pàirteachadh airson poileasaidhean a leasachadh, ’s cuid dhiubh a’ cumail taic ri grunndan iasgaich agus tuathanachas-uisge seasmhach, ’s cuid eile a’ dìon agus ag ath-nuadhachadh àrainneachd na mara againn
- a’ cur an sàs dòighean-obrach nar cuid obrach a bhios stèidhichte air eadar-ghluasad cothromach, airson piseach a thoirt air cruthachadh phoileasaidhean tro cho-obrachadh, com-pàirteachadh agus air bun-stèidh fianais
- a’ cumail taic ri pròiseactan a thèid a lìbhrigeadh leis na com-pàirtichean againn airson eadar-ghluasad cothromach do mharannan agus muinntir na h-Alba a bhrosnachadh.
Tha eadar-ghluasad cothromach na chòmhradh leantainneach, agus feumaidh sinn uile a bhith an sàs airson an t-slighe air adhart a cho-dhùnadh anns na mìosan, na bliadhnaichean agus na deicheadan ri teachd. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ribh gus dèiligeadh ris an dùbhlan a tha romhainn ann a bhith a’ glèidheadh àm ri teachd seasmhach dha na marannan againn. Tha sinn airson seo a dhèanamh ann an dòigh a bhios buannachdail dhan a h-uile neach a th’ air dachaigh a dhèanamh dha fhèin ann an Alba, agus a nì anns na bliadhnaichean ri teachd.
Leave a comment