Marine

A’ cumail taic ri eadar-ghluasad cothromach do mharannan agus muinntir na h-Alba 

June 9, 2025 by No Comments | Category Climate Change, Just Transition, Marine ecosystem, Marine Environment

Tha marannan na h-Alba prìseil. 

  

Tha iad a’ cluich pàirt riatanach ann an dèiligeadh ris an èiginn dhùbailte a th’ ann le call bith-iomadachd agus atharrachadh na gnàth-shìde. Tha marannan fallain nan àrainnean do bheatha na mara, ’s iad a’ glacadh carbon agus teas, a thuilleadh air a bhith nan cothrom dhuinn biadh na mara a ghlacadh agus cumhachd ath-nuadhachail a chur gu feum. 

  

Tha na marannan againn nam bun-stèidh do ghnothachasan na mara agus nam bunait chudromach airson teachd a-steach agus fastadh air feadh Alba, gu h-àraid ann an coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach. Tha iad cuideachd nam pàirt mhòr dhen dualchas chultarail agus dhen fhèin-aithne nàiseanta a th’ againn. 

  

Ge-tà, ’s ann fo iomadh uallach a tha na marannan againn. Mur nach eil sinn a’ cur stad air a’ chrìonadh a tha ri fhaicinn a thaobh slàinte àrainneachd na mara againn, agus a’ dèanamh oidhirp ath-nuadhachadh a thoirt oirre, cuiridh sinn ann an cunnart an comas a th’ againn na buannachdan eaconamach agus sòisealta a tha an lùib stòras na mara a mheudachadh gu làn-ìre, an-dràsta agus san àm ri teachd. 

  

Airson ’s gum bi buannachdan fad-ùine ann do ghnothachasan, daoine agus nàdar a rèir Lèirsinn airson Eaconamaidh Ghorm na h-Alba, feumaidh sinn cruth-atharrachadh a thoirt air an dòigh anns an cleachd sinn àrainneachd na mara. Feumaidh sinn cuideachd an cruth-atharrachadh seo a stiùireadh ann an dòigh a tha reusanta agus cothromach. 

  

Do Riaghaltas na h-Alba, ’s e an dà chuid an toradh – àm ri teachd nas cothromaiche, nas uaine dhuinn uile – agus an dòigh anns an ruig sinn an toradh – ann an com-pàirteachadh leis an fheadhainn as buailtiche a bhith fo bhuaidh a’ ghnothaich – a tha an lùib eadar-ghluasad cothromach. ’S e gun dèan sinn cinnteach gun tèid sinn nar dùthaich le cothromachadh-carboin agus seasmhachd mu choinneimh na gnàth-shìde, ann an dòigh a dhèiligeas ri neo-ionannachd agus a ghabhas ri cothroman ùra.  

  

Mar phàirt dhen ghealltanas seo, tha e deatamach gun obraich sinn còmhla airson ’s gum bi àm ri teachd gealltanach ann do mharannan na h-Alba. ’S e sin àm ri teachd far am bi gach roinn na mara seasmhach agus ag obair ann an co-sheirm ri nàdar, ’s na coimhearsnachdan dùthchail agus costail a tha an urra riutha a’ soirbheachadh. 

  

Sa bhrath-bhloga seo, gheibhear cuid a dh’eisimpleirean de na tha sinn a’ dèanamh gus taic a chumail ri eadar-ghluasad cothromach do mharannan agus muinntir na h-Alba. Gheibhear cuideachd cunntas às ùr air na h-ath rudan a nì sinn. 

  

Na tha sinn a’ dèanamh 

   

Tha sinn ag obair còmhla ri roinnean na mara agus coimhearsnachdan costail feuch am bi àm ri teachd seasmhach ann do mharannan na h-Alba, a chùm leas gach neach ann an Alba. Seo dìreach cuid a chùisean sgrùdaidh a sheallas cò ris a tha seo coltach gu practaigeach: 

  

Cùis sgrùdaidh 1: Planadh mara 

  

Tha sinn a’ leasachadh plana mara ùr, nàiseanta do mharannan na h-Alba a thèid an àite a’ Phlana Mara Nàiseanta (2015) a th’ ann an-dràsta. Cumaidh an Dàrna Plana Mara Nàiseanta (PMN2) againn taic ri leasachadh seasmhach nam marannan againn, ’s e a’ dìon àrainneachd na mara againn agus a’ lìbhrigeadh thoraidhean dha na coimhearsnachdan costail againn. 

  

Tha sinn dìorrasach am PMN2 a leasachadh ann an dòigh a chleachdas modh-obrach stèidhichte air eadar-ghluasad cothromach, ann an com-pàirteachadh leis an fheadhainn air an toir planadh mara buaidh. Tha sinn a’ dèanamh seo tro bhith: 

  

  • a’ dèanamh conaltradh gu tric agus gu farsaing, ’s fiosrachadh ga sgaoileadh aon uair ’s gum bi e ri fhaotainn 
  • a’ cruinneachadh mholaidhean agus bheachdan airson am plana a leasachadh còmhla ris an fheadhainn a chleachdas agus a tha an urra ris na marannan againn 
  • a’ togail bun-stèidh fianais làidir, shoilleir tro mheasaidhean buaidh, nam measg làn-mheasadh na buaidh shòiseo-eaconamach. ’S ann mar seo a thèid buaidhean a dh’fhaodadh am PMN2 a thoirt air roinnean na mara agus coimhearsnachdan aithneachadh, a bharrachd air ceumannan a dh’fhaodte a thoirt a-steach dhan PhMN2 airson dèiligeadh ri droch bhuaidh sam bith 
  • a’ dealbhadh poileasaidh a’ PhMN2 leis an gabh farsaingeachd de ghuthan a riochdachadh ann an co-dhùnaidhean planaidh an ama ri teachd, agus ann an cruthachadh fhuasglaidhean dhan fheadhainn air an toir atharrachaidhean buaidh.

     

Cùis sgrùdaidh 2: Riaghladh ghrunndan iasgaich 

  

Tha sinn a’ gabhail cheumannan gus leasachadh a dhèanamh air mar a thèid grunndan iasgaich a riaghladh, airson dèiligeadh ri èiginn na bith-iomadachd agus cothroman eaconamach seasmhach aithneachadh. 

  

Tha sinn ag obair còmhla ri iasgairean airson co-riaghladh agus co-obrachadh seasmhach a neartachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach obair ann an com-pàirteachadh le Buidheann Riaghladh agus Glèidhteachas Iasgaich (FMAC) agus le Buidhnean Iasgach a’ Chladaich (RIFGs). 

  

Tha sinn cuideachd a’ leasachadh dòigh-obrach a bhios nas freagarraiche a thaobh riaghladh ghrunndan iasgaich faisg air a’ chladach. Tro mhodh-obrach a bhios stèidhichte air co-riaghladh, cuiridh seo ri lìbhrigeadh fhuasglaidhean airson riaghladh ghrunndan iasgaich, ’s na fuasglaidhean sin freagarrach aig ìre ionadail.

’S ann ann an dlùth cho-obrachadh le luchd-ùidhe a thathar air ceumannan airson riaghladh ghrunndan iasgaich a leasachadh do sgìrean mara fo dhìon agus feartan mara fìor chudromach. Tha sinn air coinneamhan air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh a chumail gu tric còmhla ri riochdairean gnìomhachas an iasgaich agus iasgairean fa leth. Tha sinn cuideachd air co-chomhairleachaidhean poblach nàiseanta a chumail air buaidh nan ceumannan a tha ag amas air feartan mara fìor chudromach (PMF) agus sgìrean mara fo dhìon (MPA) a riaghladh. Mar phàirt dhe na measaidhean air a’ buaidh shòiseo-eaconamach, ruith sinn tachartasan ionadail aghaidh ri aghaidh airson na buaidhean sòisealta agus ionadail a thuigsinn dh’fhaodadh a bhith an lùib cheumannan a thathar a’ moladh airson grunndan iasgaich a riaghladh. Bidh sinn fhathast ag obair gu dlùth còmhla ri coimhearsnachdan, airson taic a thoirt dhaibh na buannachdan eaconamach, sòisealta, cultarail agus bith-iomadachail a ruigsinn a dh’fhaodadh a bhith an cois àrainneachd mara fo dhìon. Nì sinn cinnteach gum faigh na guthan aca èisteachd aig ìre ionadail.

 

Cùis sgrùdaidh 3: Maoineachadh  

  

’S e gealltanas luach £500 millean thar deich bliadhna a th’ anns a’ Mhaoin airson Eadar-ghluasad Cothromach (JTF), ’s i a’ cumail taic ri pròiseactan san Ear-Thuath agus ann am Moireibh. Chuir sinn air chois cuairt ùr airson thairgsean do 2025-26 (luach suas ri £8.5m), agus chuir sinn £7.4 millean a bharrachd ri pròiseactan a th’ ann mar-thà. 

  

A thuilleadh air seo, tha sinn a’ toirt seachad maoineachadh a chumas taic ri ùr-ghnàthachadh anns na roinnean mara againn, agus a bhios na chuideachadh air an t-slighe gu riaghladh seasmhach marannan na h-Alba. 

  

Tha Stòras Mara na h-Alba air còrr is £55m a thoirt seachad bho 2021 gus taic a chumail ri pròiseactan a chuireas ri eaconamaidh mara a tha ùr-ghnàthach agus seasmhach, a bheir taic do choimhearsnachdan costail agus a chuireas ri rùintean cothromachadh-carboin na h-Alba. Tha seo a’ gabhail a-steach taic do: 

  

  • dh’iomairtean beaga agus meadhanach mòr, gus an leasaich iad an cuid chleachdaichean gu bhith nas seasmhaiche 
  • phròiseactan do leasachadh bun-structair, mar eisimpleir aig Cala Bhaile nam Frisealach, airson gnothachasan mara ionadail agus a’ choimhearsnachd air fad fhàgail nas seasmhaiche, agus airson taic a chumail ri leasachaidhean àrainneachdail air a’ chala. 

  

Tha sinn a’ cuideachadh le bhith a’ riaghladh agus a’ toirt prìomh mhaoineachadh do Stòras Leasachadh Àrainneachd Mara na h-Alba (SMEEF). Faodaidh daoine a chleachdas uisgeachan na h-Alba cur ris an stòras le an toil fhèin, ’s iad ag ath-thasgadh ann an slàinte agus bith-iomadachd nam marannan againn. Bhon Chèitean 2022, tha SMEEF air còrr is £3.8m a thoirt do 54 pròiseact eadar-dhealaichte, brosnachail air feadh Alba, nam measg pròiseactan airson cuidhteas fhaighinn de ghnèithean sgaoilteach ann an eileanan Linne Foirthe, airson gàrradh ùr-ghnàthach a chur air bhog ann an Abhainn Chluaidh, agus airson bilearach-mara a thoirt air ais ann an Loch Chreiginis agus Arcaibh. 

  

Cùis sgrùdaidh 4: Buannachdan coimhearsnachd bho chumhachd gaoithe aig muir 

  

Ann an Alba, tha cumhachd gaoithe aig muir na cothrom mòr airson na h-eaconamaidhean ionadail, sgìreil agus nàiseanta againn fhàs, sàr-dhreuchdan uaine, ùra a chruthachadh agus buannachdan a lìbhrigeadh dha na coimhearsnachdan againn. 

  

Tro chuairtean ScotWind agus INTOG leis an tèid grunnd na mara a thoirt air mhàl le Oighreachd Crùin na h-Alba, agus tro phròiseactan eile, tha an cothrom aig Alba air solar a dh’fhaodadh a bhith nas àirde na 40 GW de chumhachd gaoithe aig muir. Chluicheadh seo pàirt mhòr anns a’ chothrom a th’ ann air feadh an t-saoghail air cumhachd gaoithe aig muir. Tha pròiseactan Albannach cuideachd deatamach do mhisean Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an t-amas Clean Power 2030 a libhrigeadh, agus do thargaidean nas fharsainge a th’ aig Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba gus cothromachadh-carboin a ruigsinn. 

  

Leis an stiùireadh a bheir sinn seachad, ’s e stèidhichte air Prionnsapalan Deagh Chleachdaidh, tha sinn a’ brosnachadh luchd-leasachaidh gu bhith a’ tabhann bhuannachdan coimhearsnachd agus cothroman air sealbh coitcheann mar fheart àbhaisteach de gach pròiseact cumhachd ath-nuadhachail. Tha buannachdan coimhearsnachd nan cothrom do dhaoine buannachdan a’ ghoireis cumhachd a cho-roinn, agus faodaidh buaidhean sòisealta agus eaconamach maireannach a thighinn bhuapa. Tha aon eisimpleir dheth ri fhaicinn gu h-ìosal. 

   

Maoin Coimhearsnachd Beatrice 

  

Stèidhich an iomairt Beatrice Offshore Wind Farm Ltd maoin buannachd coimhearsnachd ri linn togail a’ phròiseict 588 MW, airson taic a thoirt do choimhearsnachdan costail Ghallaibh, Chataibh agus Mhoireibh. 

  

Dhùin pròiseas-iarrtais na Maoin san Ògmhios 2023, ’s £6 millean air a thoirt seachad thar 361 pròiseact, nam measg taic do 73 dreuchd dhùthchail agus leasachaidhean air 64 goireas coimhearsnachd. Tha rannsachadh air buaidh shòisealta air sealltainn gun deach £3.21 de luach na b’ fharsainge a chruthachadh leis gach not a chaidh a thasgadh le Maoin Com-pàirteachais Beatrice. Tha leasachaidhean air an leathad cur air bhog ann an Neig, agus an drochaid ùr gu Tràigh an Ear ann an Inbhir Losaidh, nan eisimpleirean de phròiseactan a fhuair taic. 

  

Gus a bhith cinnteach gun tig toraidhean seasmhach, susbainteach bho bhuannachdan coimhearsnachd, ’s iad nan cuideachadh dhuinn le eadar-ghluasad cothromach, reusanta gu cothromachadh-carboin, tha sinn a’ gabhail os làimh ath-sgrùdadh air an stiùireadh againn a tha stèidhichte air Prionnsapalan Deagh Chleachdaidh. Tha seo a’ gabhail a-steach co-chomhairleachadh poblach a thàinig gu crìoch sa Ghiblean 2025, còmhla ri conaltradh ri coimhearsnachdan, gnìomhachas, agus luchd-ùidhe poblach agus na treas roinn. Gu h-iomlan, thèid an fhianais seo a chleachdadh gus an stiùireadh againn ùrachadh. 

  

A’ cleachdadh fianais: Na h-ath-sgrùdaidhean air litreachas mu eadar-ghluasad cothromach airson na mara 

  

Mar phàirt dhen dòigh-obrach againn a th’ air a stiùireadh le fianais, tha sinn air ath-sgrùdaidhean a dhèanamh air an litreachas mu dheidhinn eadar-ghluasad cothromach airson roinnean na mara agus coimhearsnachdan costail. 

  

  

Le bhith a’ dèanamh ath-sgrùdaidhean litreachais tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad mion-rannsachadh siostamataigeach air an rannsachadh is fianais a tha mu thràth ann a thaobh chuspairean eadar-dhealaichte. Thèid seo an uair sin a chleachdadh gus fios a chur ri poileasaidh agus cleachdadh an Riaghaltais. Thèid na h-ath-sgrùdaidhean a chleachdadh gus staid an eòlais an-dràsta a thuigsinn, beàrnan ann am fianais aithneachadh, agus taic a chumail ri leasachadh phoileasaidhean a tha stèidhichte air fianais. 

  

Literature Review on a Marine Just Transition: UK and International Comparator Countries – gov.scot 

  

Bidh sinn a’ beachdachadh air toraidhean an ath-sgrùdaidh litreachais, ’s sinn ag ionnsachadh bhuapa. Gabhaidh seo a-steach beachdachadh air beàrnan rannsachaidh far am b’ urrainnear tuigse nas fheàrr fhaighinn air na dùbhlain agus buannachdan a tha an lùib an eadar-ghluasaid aithneachadh  còmhla ri daoine agus gnothachasan. 

  

Tha an t-ath-sgrùdadh a’ comharrachadh cuid dhe na molaidhean a tha mar-thà anns an litreachas agus a dh’fhaodadh a bhith feumail airson atharrachaidhean sam bith fhàgail nas cothromaiche do choimhearsnachdan costail agus do roinnean mara na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte air fad. Tha seo a’ gabhail a-steach cothroman air conaltradh agus com-pàirteachadh a leasachadh, comas an luchd-ùidhe air com-pàirteachadh a leasachadh, gum faigh com-pàirtichean èisteachd, agus gun tèid cothroman air co-riaghladh a leasachadh. 

  

Tha an obair poileasaidh agus conaltraidh a rinn sinn gu ruige seo air tòrr dhuilgheadasan aithneachadh mar-thà bhon fheadhainn a chaidh a chomharrachadh anns na h-ath-sgrùdaidhean litreachais. Rinneadh adhartas mòr airson conaltradh agus com-pàirteachadh a leasachadh ann an cruthachadh phoileasaidhean mara, mar eisimpleir ann an cruthachadh a’ PhMN2, agus airson dòighean-obrach co-riaghlaidh a neartachadh, gu h-àraid a thaobh riaghladh  ghrunndan iasgaich faisg air a’ chladach. Tha cleachdaidhean iasgaich dlùth an dàimh ri ceanglaichean eachdraidheil, cultarail agus sòisealta ris a’ mhuir, gu h-àraid ann an coimhearsnachdan costail, agus sin an t-adhbhar a tha sinn fhathast a’ toirt seachad maoineachadh tro Stòras Mara na h-Alba. 

  

Na nì sinn a-nis 

  

Tha feum ann air com-pàirteachasan maireannach thar gach roinn, agus le gnothachasan agus coimhearsnachdan, airson eadar-ghluasad cothromach do mharannan agus muinntir na h-Alba a lìbhrigeadh.   

  

Cumaidh sinn oirnn le bhith: 

  

  • ag obair ann an com-pàirteachadh airson poileasaidhean a leasachadh, ’s cuid dhiubh a’ cumail taic ri grunndan iasgaich agus tuathanachas-uisge seasmhach, ’s cuid eile a’ dìon agus ag ath-nuadhachadh àrainneachd na mara againn 
  • a’ cur an sàs dòighean-obrach nar cuid obrach a bhios stèidhichte air eadar-ghluasad cothromach, airson piseach a thoirt air cruthachadh phoileasaidhean tro cho-obrachadh, com-pàirteachadh agus air bun-stèidh fianais 
  • a’ cumail taic ri pròiseactan a thèid a lìbhrigeadh leis na com-pàirtichean againn airson eadar-ghluasad cothromach do mharannan agus muinntir na h-Alba a bhrosnachadh. 

  

Tha eadar-ghluasad cothromach na chòmhradh leantainneach, agus feumaidh sinn uile a bhith an sàs airson an t-slighe air adhart a cho-dhùnadh anns na mìosan, na bliadhnaichean agus na deicheadan ri teachd. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ribh gus dèiligeadh ris an dùbhlan a tha romhainn ann a bhith a’ glèidheadh àm ri teachd seasmhach dha na marannan againn. Tha sinn airson seo a dhèanamh ann an dòigh a bhios buannachdail dhan a h-uile neach a th’ air dachaigh a dhèanamh dha fhèin ann an Alba, agus a nì anns na bliadhnaichean ri teachd. 

  

 


Comments

Leave a comment

By submitting a comment, you understand it may be published on this public website. Please read our privacy policy to see how the Scottish Government handles your information.

Your email address will not be published. Required fields are marked *